English

Mu Akerbeltz

’S e meanbh-fhoillsichear ùr a tha ann am Foillseachadh Akerbeltz ann an Alba. Tha rùn oirnn spionnadh a chur ann am foillseachadh leabhraichean Gàidhlig, gu h-àraidh feadhainn a chaidh a sgrìobhadh ann an Gàidhlig, Gaeilge no Gaelg o thùs.

'S mathaid gun do dh'aithnich sibh sin air ur n-ainm mu thràth, tha ceangal ann eadar Foillseachadh Akerbeltz agus an dà iomairt eile, Goireasan Akerbeltz agus Seirbheisean cànan Akerbeltz. Ged a dh'fhoillsich sinn ar ciad leabhar ann an 2011, bha beachd againn a stèidheachadh fad iomadh bliadhna a-nis agus cha stad sinn aig aon leabhar a-mhàin gun teagamh sam bith.

Ò seadh - chan e facal Gàidhlig a tha ann an Akerbeltz idir. 'S e facal Basgais a tha ann agus tha e a' ciallachadh "an gobhar dhubh", ainm seann-dia nam Basgach a dhìonas am fearann 's na beathaichean. Nuair a thòisich ceannard Akerbeltz air an t-ainm sin a chleachdadh, 's ann air an eadar-lìon, gu h-àraid sna seòmraichean-cabadaich, a chleachd e e a chionn 's gun robh cus dhaoine air an robh Mìcheal ann. Ach lean an t-ainm sin ris taobh a-muigh nan seòmraichean-cabadaich agus nuair a bha feum aige air ainm airson làrach Goireasan Akerbeltz, sin a' chiad ainm a bhuail air agus tha e cho stèidhichte mar shuaicheantas a-nis nach gabh atharrachadh. Sin agaibh slighean dìomhair an lìn!