English

Foillseachadh

Ar feallsanachd foillseachaidh

Tha sinn ag amas gu sònraichte air foillseachadh Gàidhlig, Gaeilge agus Gaelg. Chan e rud ùr a tha sin ach tha diofar ann oir, taobh a-muigh litreachas an t-saoghail, tha sinn a’ seachnadh eadar-theangachadh o chànain taobh a-muigh nan cànan Goidhealach. Gu h-àraidh a’ Bheurla.

Nì sinne foillseachadh air dòigh a tha caran eadar-dhealaichte on dòigh àbhaisteach a gheibhear ann iomadh cànan beag. Sa chiad dol a-mach, tha dàimh eadar-dhealaichte againn leis ar n-ùghdaran. Nì sinn ar dìcheall gun cum an t-ùghdar cuibhreann nas motha de phrìs reic an leabhair agus gu bheil làmh nas motha aca sa phròiseas fhoillseachaidh. Agus mar sin dheth, tha càileachd na dh’fhoillsicheas sinn còmhla glè chudromach agus ’s ann air an dòigh seo a chuireas sinn math an litreachais a gheibhear anns na cànain seo.

Thàinig an dà latha air saoghal an fhoillseachaidh gun teagamh sam bith on a b’ fheudar do dh’Eideard Dwelly tagradh a chur dhan Rìgh a chum taic airgid mum b’ urrainn dha am faclair aige fhoillseachadh. Agus tha e cudromach gun gabh cànain mar a’ Ghàidhlig cothrom air an adhartas teicneolach seo. Chan fhaigh sinne maoineachadh sam bith airson na nì sinn - a chionn ’s nach eil sinn ’ga iarraidh. Gabhaidh sinn ri pròiseact seach pròiseact a-rèir ar n-eòlais mun mhargaid. Cuiridh sinn an teicneolas gu feum cho tapaidh ’s a ghabhas gus leabhraichean a thoirt dhan luchd-leughaidh againn air a bhios fèill agus air prìs chothromach. Cha b’ urrainn dhuinn airgead a thoirt dhan ùghdar ro làimh ge-tà, thig duais an ùghdair ’s an fhoillsicheir o shoirbheas an leabhair.

Ma tha beachd agaibh air leabhar, nach bruidhinn sibh rinn? Tha na cuspairean a tha san amharc dhuinn an-dràsta fhèin a’ gabhail a-steach leabhraichean cloinne, litreachas clasaigeach, leabhraichean eòlais agus goireasan ionnsachaidh.