English

Faclair Gàidhlig agus Beurla
Am faclair clasaigeach aig Edward Dwelly ann clò ùr glan

Faclair Gàidhlig agus Beurla le Dealbhan
Edward Dwelly | 30 dhen t-Sultain 2011
Còmhdadh cruaidh ⁊ leabhar-d
£55.00 (£9.99 mar leabhar-d) | Ri fhaighinn
ISBN 9781907165023 (leabhar-d 9781907165092)

C nan L | Ullapool Bks | Blackwell's | Amazon UK
        Hudendubel | Amazon DE

McNally | Amazon CA
Barnes & Noble | Amazon US
Fishpond.com.au Fishpond.co.nz
Kindle RA | SA | Canada | A’ Ghearmailt | Astràilia ⁊ Sealainn Nuadh
*Tha aplacaid Kindle ri fhaighinn air Android is iOS


Thàinig a’ chiad chlò-bhualadh dhen fhaclair chlasaigeach seo a-mach ann an 1901, barrachd air 100 bliadhna air ais. Tha e fhathast ’na stòras iongantach de dh’fhaclan agus tha àite sònraichte aige ann an saoghal na Gàidhlig.

’S clò còir a tha san leabhar seo, seach clach-lethbreac agus tha an clò beagan nas motha agus fada nas soilleire na bha e a-riamh. Chaidh rudan beaga a dheasachadh, mar mhearachdan litreachaidh, mearachdan san òrdugh aibidileach agus chaidh an litreachadh fhèin a chur air gleus beagan a thaobh rudan nach robh cho cunbhalach ’s a bu chòir. Chaidh na dealbhan a ghlanadh gu digiteach cuideachd agus tha iad nas soilleire a-nis, gu h-àraidh na h-àireamhan sna dealbhan mòra.

Cha deach faclan ùra a chur ris agus gheibh sibh Dwelly cha mhòr mar a bha e a-riamh mar sin agus tha Akerbeltz air leth toilichte an leabhar ionmholta seo a chur ri ur làimh a-rithist.